Mark 11

Criosda dol a stigh gu Ierusalem air muin asail ; a mollachadh na craoibh-fige gun mheas, 'sa tilgeadh luchd-ceannach is reic as an teampull.

Agus nuair thainig e teann air Ierusalem is Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil, Is thuirt e riutha: Siubhlaibh don bhaile a tha mur coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheibh sibh asal og an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh is thugaibh an so e. Agus ma their duine sam bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air, agus tillidh e e san uair. 'Sa dol air an adhart fhuair iad an t-asal ceangailte air taobh mach a gheata aig coinneachadh da rathaid; is dh' fhuasgail iad e. Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh an sin riutha: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh an asail? Is thuirt iad riutha mar a dh' orduich Iosa dhaibh, is leig iad leo e. Agus thug iad an t-asal gu Iosa; is chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air.

Is sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile geugan chraobh agus sgap iad air an rathad iad. Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, 'sa lean e, ag radh : Hosanna: 10 Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Daibhidh a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh. 11 Is chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; 's an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bha 'm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dha dhiag. 12 'S an ath latha nuair a chaidh iad a mach a Betania, bha acras air. 13 'S nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dh' fhaoidte dad oirre; 's nuair a rainig e i, cha d' fhuair e ach duilleagan: oir cha robh am nam figis ann. 14 'Sa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu brath na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn.

15 Is rainig iad Ierusalem. 'S nuair a chaidh e stigh don teampull, thoisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, 's na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, is cathraichean luchd-reic chalman. 16 'S chan fhuiligeadh e gun giulanadh neach sam bith saghach tromhn teampull: 17 Is theagaisg e, ag radh riutha: Nach eil e sgriobhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighsa am measg nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth. 18 Agus nuair chuala na h-ard-shagairt 's na Sgriobhaich so, dh' iarr iad ciamar a dh' fhaodadh iad cur as dha: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg. 19 Agus nuair thainig am feasgar, chaidh e mach as a bhaile. 20 'S nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean. 21 Is Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh fhige, a mholluich thu, air seargadh as. 22 Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Biodh creideamh Dhe agaibh.

23 Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so ; Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh na chridhe, ach a chreideas gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha. 24 Air an aobhar sin tha mi ag radh ribh: Ge b' e ni dh' iarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, is thig e gur n-ionnsuidh. 25 'S nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh, ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. 26 Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. 27 Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. 'S nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh, 28 Is thuirt iad ris; Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nithean so? is co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh?

29 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: Cuiridh mise aon cheist oirbh, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamnh nan nithean so. 30 Baisteadh Eoin, an ann bho neamh, no bho dhaoine a bha e? Freagraibh mi. 31 Ach smaoinich iadsan annta fhcin, ag radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Carson ma ta nach do chreid sibh e? 32 Ma their sinn : bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh. 33 'Sa freagairt thuirt iad ri Iosa: Chan eil fhios againn. Is thuirt Iosa riutha, 's e freagairt: Cha mhua dh' innseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.

Copyright information for ScotsGaelic