Mark 8

Criosda riarachadh ceithir mile sluaigh; a toirt fradhairc do dhall; ag innse a phais ro-laimh.

Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh' itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha

Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, 's chan eil ni aca a dhitheas iad: Agus ma leigeas mi air falbh iad 'nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar. Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach? Is dh' fharraid e dhiu: Co miad bonnach a thagaibh? Thuirt iad: A seachd. Agus dh' orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. 'Sa glacadh nan seachd bonnaich, 'sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad. 'S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh' iarr e an cur air am bialaobh.

Agus dh' ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh' fhagadh thog iad seachd cleibh. Is bha an fheadhainn a dh' ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad. 10 'S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha. 11 Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh. 12 'S ag osnaich 'na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so. 13 Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord bata, is dh' fhalbh e thar a chaol.

14 Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar. 15 Is dh' aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, 's bho thaois ghoirt Heroid. 16 Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: 'S ann a chionn 's nach eil aran againn. 17 Thuirt Iosa riutha, 's e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn 's nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast? 18 Tha suilean agaibh, 's nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, 's nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh, 19 Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag.

20 A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd. 21 Is thuirt e riutha: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast? 22 Agus thainig iad gu Bethsaida, 's thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha. 23 'Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; 'sa cur a shile air a shuilean, 'sa cur a lamhan air, dh' fharraid e dheth, an robh e faicinn dad. 24 'Sa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd. 25 An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor 's gum bu leir dha gach ni gu soilleir. 26 Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith. 27 Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; 'S air an t-slighe dh' fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi?

28 Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean. 29 An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda. 30 Agus mhaoidh e orra, gun iad a dh 'innseadh so mu dheidhinn do neach sam bith. 31 Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, 's leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, 'sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist. 32 Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh. 33 Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine. 34 'Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma 's aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi.

35 Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, 's air son an t-soisgeil, sabhailidh e i. 36 Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam? 37 No ciod a bheir duine an eirig anma? 38 Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.

Copyright information for ScotsGaelic